Members Login
Username 
 
Password 
    Remember Me  
Post Info TOPIC: West Highland Free Press Gàidhlig News


Member

Status: Offline
Posts: 15
Date:
West Highland Free Press Gàidhlig News


Tha mi smaointean gur e am bàrd Maoileas Caimbeul a thuirt rium o chionn ghoirid, fhad’s a bha sinn a’ gabhail cuairt a-null a Hallaig airson BBC Rèidio nan Gàidheal, gur e call a th’ ann nach eil aon àite no làrach sònraichte aig na Gàidheil airson sin fhìn a shamhlachadh, mar gum bitheadh.

Saoilidh mi gun robh e a-mach air àiteachan mar Tùr Eiffel ann am Paris, no Caisteal Phràga anns a’ Phoblach Seiceach, no Taigh na Pàrlamaid agus Big Ben agus Buckingham Palace ann an Lunnainn: àiteachan a tha gu poblach agus gu follaiseach a’ cur an cuimhne nam Frangach, no nan Seiceach no nan Sasannach (’s cuid de dh’Albannaich?) an cuid eachdraidh, cumhachd agus neart.

O, tha fhios’ am glè mhath gu bheil gu leòr de làraichean eachdraidheil againn, eadar Cùil Lodair agus Fiònn Lagain ann an Ìle, o Thùrsachan Chalanais gu Eilean Idhe, ach chan eil mi cho cinnteach sin gu bheil aon àite ann mar sin far am faod sinn a ràdh: “Seo agad a-nis cridhe na Gàidhealtachd.”

’S dòcha nach urrainn a leithid a bhith ann co-dhiù, agus fiùs nam b’ urrainn nach e rud math a bhiodh ann a-bharrachd.

Oir carson a bhitheamaid ag iarraidh a bhith colach ri gach ìmpearachd mhòr eile a bha a-riamh ann, le an Kremlinean ’s an Taighean Geala is eile a’ samhlachadh an cumhachd ’s an neart ’s am buaidh?

Nach eil sinn nas fhèarr mar a tha sinn — sgaoilte, sgapte, briste, farsaing gun aon àite ris an can sin — seo a-nis cridhe na Gàidhlig, seo a-nis meadhan is samhla ar saoghal?

Chan e nach eil iomadach àite againn a dhèanadh a’ chùis dhuinn. Hallaig fhèin, mar eisimpleir, a tha na shamhla air fuadachadh ach cuideachd air mar a thàinig mìorbhail à sgiùrsadh. Cùil Lodair, mar a thuirt mi cheana, ’s Allt a’ Bhonnaich ma thogras tu, is iomadach àite eile far an do bhuadhaich agus far an do dh’ fhuiling sinn ann an eachdraidh.

’S tha cuideachd sreathan de dh’ àiteachan nas “lugha” ann, a dh’ fhaodadh sinn a ràdh a tha a’ samhlachadh cor is suidheachadh nan Gàidheil: Taigh Màiri Anndra ann an Ceann-a-Deas Loch Baghasdail, mar eisimpleir — tobhta nan òran. No Beinn Dòrainn a’ bhàird mhòir, no Sìthein Uilleim Rois no Èirisgeigh Mhaighstir Ailean.

Cuideachd tha againn nar latha fhìn iomadach àite a dh’ fhaodadh ar samhlachadh, o Shabhal Mòr Ostaig gu Taigh nan Roid, o Oifisean Chraoladh nan Gàidheal gu Oifisean Bhòrd na Gàidhlig, ged nach fhaic mi an latha (tha mi an dòchas) far am bi na Gàidheil a’ cruinneachadh nam mìltean air taobh a-muigh oifisean BNG ’s iad ag ràdh ri chèile — “Seallaibh a-nis. Sin agaibh e. An t-àite far an d’ fhuair sinn Saorsa. Bannockburn na 21mh linn! Bravehearts nan Gàidheil!”

Tha mi a’ beachdachadh air a h-uile nì seo air sgàth ’s gu bheil MacLeòid Dhùn Bheagain a-nise a’ tairgsinn Caisteal mòr Dhùn Bheagain agus An Cuiltheann dhan t-shluagh, mar gum bitheadh, fhad’s a gheibh e £25m on Chrannchur Nàiseanta airson an caisteal a chàradh.

Mar gun do bhuin An Cuiltheann riamh dha sa chiad àite! Mar nach do bhuin An Cuiltheann riamh dhan t-sluagh co-dhiù!

Cò leis eile a bha a riamh ach le na daoine? Ciamar a b’ urrainn do rud a bha — agus a tha — cho nàdarra leis A’ Chuiltheann buntainn do dhuine sam bith? Am buin An Cuan Siar no am Pacific no reultan dèarsach na speuran do Roman Abramovich no rudeigin? Chan e Chelsea a th’ anns A’ Chuiltheann ’s nach math cuimhneachadh uachdaran mòr eile — an Righ Daibhidh — a thuirt:

’S le Dia an talamh, is a làn:
an domhan, ’s na bheil ann.

Tha dìreach aon mholadh agam: aon uair ’s gum faigh sinn An Caisteal agus An Cuiltheann gu foirmeil laghail dhuinn fhìn, gum bu chòir dhuinn an uairsin — mar Ghàidheil tha mi a’ ciallachadh — an dà àite sin a chleachdadh mar shamhlaidhean agus mar làraichean dhuinn fhìn.

Chaidh a’ chuibhle mun cuairt sgrìobh An Clàrsair Dall mun dearbh àite, ’s mar sin dè b’ fhèarr na gun rachadh an t-àite chleachdadh as ùr dha na Gàidheil. Dh’ fhaodadh Bòrd na Gàidhlig a-nis am prìomh oifisean a ghluasad gu Caisteal Dhùn Bheagain air no dh’fhaodadh na Prìomh-Oifisean airson an Seanal Ùr Didisiteach Gàidhlig a dhol an sin an àite bhith measg stòpan-fìona Inbhir Nis.

Agus An Cuiltheann? Sin agaibh a-nis Caisteal Phràga nan Gàidheil! Sin agaibh a-nis Westminster is Big Ben is Taigh Geal nan Gàidheil, dìreach mar a thuirt Somhairle:

Ag èirigh air taobh eile duilghe

chithear barrachd na aon Chuilithionn,

chithear Cuilithionn gorm an Eilein

agus dà Chuilithionn eile,

Cuilithionn na h-Albann aosda

is Cuilithionn a’ cinne daonna,

trianaid Cuilithinn a’ taomadh

a h-onfhaidh sgurraich air an t-saoghal:

trianaid Cuilithinn ag èirigh

thar ànradh buan nan sleibhtean.
http://www.whfp.com/1761/gaelic.html

__________________
Tha mi ag ionnsaich Gàidhlig= I am learning Gaelic.
Page 1 of 1  sorted by
 
Quick Reply

Please log in to post quick replies.

Tweet this page Post to Digg Post to Del.icio.us


Create your own FREE Forum
Report Abuse
Powered by ActiveBoard