What a sensational (well turned out in appearance) forum
Am faod mi ga cheannaich?
Can I buy it?
‘S lugha orm na sanasan-reic ge-tà, tha mi caran seann-fhasanta a thaobh sin.
Don’t like the advertising though, I’m somewhat old fashioned with regards that.
Tha cùpanan Argos agam a b’ fhiach £5.
I’ve five quid’s worth of Argos vouchers.
Ag innse na fìrinn saoilidh mi nan robh airgead ri dhèanamh às làraich Ghàidhlig bhiodh fear aig Richard Branson no fiù’ s Trotter Enterprises PLC.
Uill tha mi trang an diugh, feumaidh mi beagan Fraingis a leughadh . Chuala mi gu bheil bòrd-brath eile air fàire cuideachd agus bidh e Gàidhlig a -mhàin. Chì sinn.
Feasgar math, a' Ghraisg, Fraingis agus Gàidhlig? Tha thu trang, gu dearbh. Chan eil mi ag iarraidh léine-t Save Gaelic.org a-nís. Cha toigh leam idir iad an-duigh.
Feasgar math Chrunluath, ma bhios tu a' tighinn an seo bho SG tha mi an dòchas gun robh do sporan dùinte nuair a bha thu anns an laràich ud agus gun robh do credit cards ann an àite sàbhailte.
Seo rudeigin a faodaidh tu a cheannach gun sgrios a’ cur ort fhèin. Bidh a h-uile sgillinn a’ ceannaich uisge-bheatha air mo shon-fhèin agus ma bhios dad air fhàgail gheibh mi seachdain ann am Bermuda agus ma bhios fhathast beagan airgid às dèidh sin bidh mi a’ lorg làraich a leithid SG.org gus am faigh mi beairteas seachad air do thuigsinn.
Bidh 'classic thong' nas fheàrr na leine-t, nach bi?
Cha do reic mi ach aon leine-t gu ruige seo, agus sin dhomh-fhèin. Tha mi a' lorg comhairle bho Trotter Inc ach nuair a tha airgead gu leòr agam ceannaichidh mi SG.org agus an uair sin bidh limo agam agus a h-uile càil eile ceangaitle le beartais. Ciamar? Uill ma tha thu airson bruidhinn rium feumaidh tu a cur £10 ann am Paypal a h-uile turas. Skype £50 gach uair agus Bùth-Obrach sam bith £2000 per annum (mar a chanas iad).
Am bi thusa air a shon cuideachd, faoidaidh duine sam bith a' gabhail pairt (Gàidhlig ann no às), chan eil mi ag iarraidh ach £10,000 bhon a h-uile fear agaibh. Mura a bheil bidh am Foram seo a dùnadh sìos ann an 6.5mionaid.
Sin agad e bhuamsa am feasgar seo, tha agam ris InvestinGàidhlig.com a leughadh a-nis.
A, deagh smaoin. Bidh mise a' reic àiteachan ann an Tìr nam Blòg a-nis...
Ma tha sibh airson am blog agaibh fhuireach ann, feumaidh sibh £79.99 a chur thugam gach latha Cia mheud blog a th'agad an dràsda Ghraisg?
Ach, nuair a tha sinn beartach, an téid sinn do Silverstone no àite eile leis na limos againn Ghraisg? Saoilidh mi gum bi an limo agam nas luaithe na 'm fear aig thusa...